Ceistean a Chuirear gu Tric

Eachdraidh Clàr na Croitearachd

Cò ris a tha e an urra Clàr na Croitearachd a chumail?

Tha Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a' cur an cèill gun fheum Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba clàr poblach de chroitean, de chùl-chinn agus de dh'fhearann air a ghlèidheadh mar roinn-ruithe a stèidheachadh agus a chumail. Tha i cuideachd ag ràdh gum bu chòir Clàr na Croitearachd a thoirt mar ainm air.

An deach co-chomhairleachadh sam bith a chumail?

Chaidh. Mus d'fhuair Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 Aonta Rìoghail, chaidh co-chomhairleachadh farsaing a chumail le Ministearan na h-Alba. Chaidh co-chomhairleachadh a chumail cuideachd mu riochd is mun fhiosrachadh an lùib fhoirmean-iarrtais agus mun stiùireadh an cois nam foirmean-iarrtais. Bha na beachdan air fad a fhuaireadh feumail agus tha iad air cuideachadh gus leasachadh a thoirt air stuth is cruth nam foirmean-iarrtais agus an stiùireadh.

Dè tha ann an ‘tachartas-adhbharachaidh’?

`S e a tha ann an tachartas-adhbharachaidh ainm neo-fhoirmeil a chleachdar san Iùl-mhìneachaidh an cois Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 mar chomharrachadh air suidheachaidhean far a bheil feum air iarrtas airson clàraidh ann an Clàr na Croitearachd.

Cuin a thòisich Clàr na Croitearachd airson chroitean?

Thòisich Clàr na Croitearachd air 30 Samhain 2012. Eadar an ceann-latha sin agus 29 Samhain 2013, bha Clàr na Croitearachd fosgailte gus iarrtasan saor-thoileach a-mhàin a chlàradh. Aon uair is gu bheil croit air a clàradh, ma dh'èireas gin de na tachartasan-adhbharachaidh air an comharrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010, feumar clàradh gus clàr-obrach a' chlàraidh ùrachadh. Air 30 Samhain 2013, thàinig clàradh ann an Clàr na Croitearachd gu ìre  èigneachail airson chroitean ùra, toirt-thairis sealbhadaireachd chroitean far a bheil an neach-seilbh fhèin a' fuireach agus nan tachartasan-adhbharachaidh, a' bualadh air an dà chuid croitean gun chlàradh agus croitean clàraichte, air an comharrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010.

Cuin a thòisich Clàr na Croitearachd airson nan cùl-cinn?

Tha e an urra ri Coimisean na Croitearachd iarrtasan- clàraidh airson a' chiad turas a chur a-steach airson nan cùl-cinn a tha ann mar-thà. Tha Clàr na Croitearachd air a bhith fosgailte airson Ciad Chlàradh nan cùl-cinn a tha ann an-dràsta bho 30 Samhain 2012. Aon uair is gum bi cùl-cinn fo Chiad Chlàradh, bidh e èigneachail an uair sin gun tèid an tachartas-adhbharachaidh air a chomharrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a chlàradh leis a' phartaidh iomchaidh.

Dè tha Clàran na h-Alba air a bhith a’ dèanamh airson Clàr ùr na Croitearachd fhoillseachadh agus a chur air adhart?

Tha Clàran na h-Alba air a bhith ag obair còmhla ri  Riaghaltas na h-Alba, Coimisean na Croitearachd agus Cùirt an Fhearainn gus a dhèanamh cinnteach gu robh na modhan iomchaidh an sàs gus Clàr na Croitearachd a thòiseachadh.  Chuir Clàran na h-Alba agus buidhnean eile le ùidh anns a' ghnothach cuideachd air adhart sreath choinneamhan mu Chlàr na Croitearachd air feadh nan Gàidhealtachd is nan Eilean ro shìneadh an lagha far am feumadh clàradh tachairt ann an cuid de shuidheachaidhean (anns a' chumantas ceangailte ri suidheachadh far am feumaiste tagradh laghail a dhèanamh) bho 30 Samhain 2013.

Chaidh stiùireadh gu math mionaideach air gach taobh de Chlàr na Croitearachd a dheisealachadh le Clàran na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd.

A bheil Clàr na Croitearachd air leth bho na clàran poblach eile a bhios Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba a’ cumail?

Tha. `S e an t-adhbhar a tha a' stiùireadh Clàr na Croitearachd dealbh a thoirt de dh'fhearann air a ghleidheadh ann an gabhaltas-croitearachd. Ged a bhios an clàr a' cumail fiosrachadh air uachdarain, croitearan a tha nan sealbhadairean-còmhnaidhe, agus sealbhadairean chroitean is chùl-cinn a bharrachd air fios mu luchd-gabhaltais chroitearachd, dh'fhaodadh nach bi san ìre de dh'fhearann a tha aig neach a tha fo ghabhaltas-croitearachd ach dìreach cuid den fhearann a bhuineas dhaibh no a tha aca air gabhail. Tha fiosrachadh ann an Clàr an Fhearainn agus Clàr an t-Seilbh mu chòraichean-seilbh air fearann, agus gabhailean fada air an clàradh, urrais agus cumhaichean-tiotail a' bualadh air fearann.

Tha a’ chroit agam air a clàradh ann an Clàr an Fhearainn agus Clàr na Croitearachd. Chaidh tagradh a dhèanamh an aghaidh crìochan na croite a tha clàraichte. Dè bhuaidh a bhios aig seo air mo thiotal ann an Clàr an Fhearainn?

Dh'fhaodadh dà rud tachairt nuair a chuireas neach an aghaidh crìoch(an) ann an Clàr na Croitearachd. Soirbhichidh leis an tagradh no thèid a dhiùltadh.  Ma shoirbhicheas leis, innsidh Cùirt an Fhearainn do Neach-gleidhidh Clàran na h-Alba a tha an uairsin ag ùrachadh Clàr na Croitearachd.  Ged a thachradh sin, chan eil buaidh sam bith aige air Clàr an Fhearainn.  Ma tha gach partaidh anns a' chùis ag iarraidh a' chlàraidh atharrachadh ann an Clàr an Fhearainn dh'fheumadh iad nàdar de thar-bhuileachadh ceartachaidh aontachadh – ach tha sin air fhàgail aca fhèin airson a chur air dòigh.

Ag Ullachadh Iarrtais gu Clàr na Croitearachd agus Stiùireadh

Dè an stiùireadh a tha ri fhaighinn mar chuideachadh nuair a bhios iarrtas ga ullachadh airson Clàr na Croitearachd?

Tha stiùireadh farsaing ri fhaotainn air an làrach-lìn againn ros.gov.uk agus tron iùl air an làraich air duilleag-dachaigh Clàr na Croitearachd air an Lìon aig http://www.crofts.ros.gov.uk/register/home. Tha stiùireadh air a thoirt mu lìonadh a-steach fhoirmean-iarrtais agus cuideachd mu na slatan-tomhais gus plana a dheisealachadh is a chur a-steach airson Clàr na Croitearachd.  Mus tèid iarrtas a chur a-steach gu Clàr na Croitearachd bu chòir do thagraichean an stiùireadh a leughadh ach an tèid iarrtasan a choileanadh mar as còir.

A bheil an stiùireadh mu Chlàr na Croitearachd ri fhaotainn ann an Gàidhlig?

Tha. Gheibhear stiùireadh mu Chlàr na Croitearachd air an làrach-lìn sa Ghàidhlig agus am Bheurla. Tha Clàran na h-Alba air aire a ghabhail de bheachdan bho choimhearsnachd na croitearachd gum biodh seo a dhìth mar roghainn.

Dè na tachartasan a dh’fheumar clàradh air Clàr na Croitearachd?

Tha fiosrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 mu na tachartasan uile a dh'fheumar clàradh ann an Clàr na Croitearachd. Gheibhear na tachartasan seo ann an earrannan 4 is 5 den Achd cheudna airson chroitean, earrannan 24 is 25 airson chùl-cinn agus earrann 32 airson fearainn air a ghleidheadh mar roinn-ruithe. Am measg eisimpleirean de na seòrsaichean thachartasan a dh'fheumar clàradh ann an Clàr na Croitearachd, tha:

  • roinneadh-croite;
  • dìleab-croite;
  • atharrachadh air uachdaran na croite;
  • sgaradh-croite;
  • meudachadh-croite.

Gheibhear liost de na tachartasan "adhbhrachaidh" a tha a' tarraing clàraidh air duilleag-stiùiridh Chlàr na Croitearachd

Cò a chuireas a-steach iarrtas airson Clàraidh ann an Clàr na Croitearachd?

Bidh cò ris a tha e an urra iarrtas a dhèanamh airson clàraidh a rèir adhbhar a' chlàraidh. Tha na tachartasan a dh'fheumar a chlàradh, agus an neach ris a bheil e an urra iarratas a dhèanamh airson clàraidh, air am mìneachadh ann an clàr 2 de dh'Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 agus nam measg, tha an croitear, an t-uachdaran, an sealbhadair-còmhnaidhe, Coimisean na Croitearachd agus feadhainn eile.

Am faod croitear clàradh iarraidh ann an Clàr na Croitearachd gun fheum air neach-lagha a fhastadh?

Faodaidh. Chaidh na foirmean-iarrtais agus an stiùireadh mu ullachadh phlanaichean a dheisealachadh gu lèir ann an dòigh a leigeas le tagraiche sam bith iarrtas ullachadh agus a chur a-steach gu Clàr na Croitearachd gun fheum air cuideachadh sònraichte. Dh'fhaodadh, ge-tà, gum bi suidheachaidhean ann nuair a bhios an tagraiche a' faireachdainn gu bheil feum air comhairle shònraichte agus tha na foirmean-iarrtais a' gabhail ris seo agus a' comharrachadh àite airson fios mu luchd-gnìomha sam bith a dh'fhaodadh a bhith ag obair às leth an tagraiche.

Dè na foirmean-iarrtas a dh’fheumar coileanadh?

Mhìnich Riaghailtean Clàr na Croitearachd (Alba) 2012 an fhoirm-iarrtais a tha a dhìth agus stoidhle na foirm-iarrtais a tha ri lìonadh a-steach. A rèir dè an tachartas a dh'èirich, feumar aon tè a-mach às na seachd foirmean a thathar a' comharrachadh anns na riaghailtean ceudna a lìonadh a-steach. Feumar na h-iarrtasan a dhèanamh air na foirmean-iarrtais oifigeil agus tha fiosrachadh mun deidhinn gu h-ìseal:

Foirm

Adhbhar

Ullachadh Iomchaidh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010t

A

Iarrtas airson ciad chlàradh croite

Earrann 4

B

Iarrtas airson tachartas an dèidh làimhe a chlàradh a bhios a' bualadh air croit air a clàradh

Earrann 5

C

Iarrtas airson cùl-cinn no fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a chlàradh a' chiad turas

Earrannan 24(1) agus 32 (1)

D

Iarrtas gus cùl-cinn a chlàradh a' chiad turas

Earrann 26(1)(a)

E

Iarrtas gus tachartas an dèidh làimhe a chlàradh a bhios a' bualadh air cùl-cinn no fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe air an clàradh

Earrann 26(1)(b) agus 32(5)

F

Iarrtas airson ceartachaidh

Earrann 16

G

Fios gu Neach-gleidhidh Choimisean na Croitearachd an dèidh gabhail ri co-dhùnadh riaghlachail

Earrann 4(4)(a) gu (o) no (q)

Bu chòir a bhith mothachail nach bi a' coileanadh Foirmean C agus G ach Coimisean na Croitearachd a-mhàin.

Ciamar a gheibh mi cothrom air an fhoirm-iarrtais a tha a dhìth airson Clàr na Croitearachd?

Tha foirmean-iarrtais airson Clàr na Croitearachd rim faotainn air làrach-lìn Chlàran na h-Alba agus tro cheangal an iùil air an duilleag-dachaigh air Clàr na Croitearachd. Faodar na foirmean a choileanadh air loidhne ach feumar an clò-bhuaileadh agus ainm a chur riutha mus tèid tagradh a dhèanamh airson clàraidh.  Roghainn eile, is e foirm ann am pàipear fhaighinn bho Chlàran na h-Alba le fios a chur gu sgioba Clàr na Croitearachd aig Clàran na h-Alba, Taigh Hanover, 24 Sràid Dhùghlais, Glaschu G2 7NQ, no fònadh gu 0141 306 1510.

Thèid an tagradh airson clàraidh a chur, anns a' chiad àite, gu Coimisean na Croitearachd, agus ma tha iadsan riaraichte gun deach am fiosrachadh bunaiteach a tha riatanachd airson claidh a thairgse, cuiridh iad air adhart e gu Clàran na h-Alba. Tha mìneachadh mun neach a tha fo uallach an t-iarrtas airson clàraidh a chur a-steach ann an Sgeideal 2 de dh'Achd 2010.

Far a bheil barrachd air aon thagrache, am feum na tagraichean gu lèir an ainmean a chur ris an fhoirm- iarrtais?

Feumaidh.  Ma tha barrachd air aon thagraiche ann – mar eisimpleir, dithis chroitearan nan sealbhadairean-còmhnaidh – feumaidh a h-uile neach a tha le uallach an iarrtais an ainmean a chur ris an fhoirm-iarrtais.

Tha Foirm-Iarrtais A ag iarraidh orm fiosrachadh a thairgse mu stiùir dì-chroiteadh, co-roinneadh agus ath-ghabhail a th’ ann aig a’ cheart àm mun chroit. Càite am faigh mi am fiosrachadh seo?

Faodar fios a chur gu Coimisean na Croitearachd agus bheir iadsan seachad fiosrachadh mu dhì-chroiteadh agus co-roinneadh bhon chlàradh aca fhèin. info@crofting.scotland.gov.uk. Ged nach eil an Coimisean a' cumail fios mu Òrdain ath-ghabhail, gheibhear leth-bhreacan de na h-òrdain ath-ghabhail gu dìreach bho Chùirt an Fhearainn an Alba.

Ma tha plana a dhìth airson iarrtais gu Clàr na Croitearachd, a bheil slatan-tomhais ann a dh’fheumar coileanadh?

Tha. Gheibhear fiosrachadh sònraichte mar a tha e a dhìth ach am bi plana freagarrach airson clàraidh anns a' bhileig fiosrachaidh: 'Geàrr-chunntas air na slatan-tomhais son deisealachadh phlanaichean'.  A  bharrachd air sin, gheibhear stiùir agus eisimpleirean mionaideach ann an 'Treòrachadh son planaichean a dheisealachadh airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd'.   Tha an dà bhileig sin rim faighinn air làrach-lìn Clàran na h-Alba agus tro cheangal an iùil air duilleag-dachaigh làrach-lìn Clàr na Croitearachd.  Tha seo a' gabhail a-staigh mìneachadh mionaideach air na slatan-tomhais riatanach a th'ann airson a bhith a' deisealachadh phlanaichean leithid sgèile agus comhair na duilleige.

Carson a tha Clàran na h-Alba a’ toirt seachad shlatan-tomhais mionaideach mu chur a-steach phlanaichean airson Clàr na Croitearachd?

Tha Clàran na h-Alba a' toirt seachad shlatan-tomhais mionaideach mu chur a-steach phlanaichean airson Clàr na Croitearachd gus a dhèanamh cinnteach gum faod sinn adhbhar iarrtasan a chomharrachadh agus a dhealbhadh gu cruinn air Mapa an Òrdanais. Tha seo deatamach gus pongalachd Clàr na Croitearachd a dhearbhadh.

Tha plana agam a tha a’ coileanadh nan slatan-tomhais aig Clàran na h-Alba, mar sin am feum mi plana ùr a dheisealachadh?

Ma bhios plana a tha ann mar-thà a' coileanadh nan slatan-tomhais a tha a dhìth, chan fheumar plana ùr a dheisealachadh.

Tha mo chroit clàraichte ann an Clàr Chùirt an Fhearainn. Am faod mi plana an tiotail a chleachdadh nuair a that mi a’ tagradh airson a clàradh air Clàr na Croitearachd.

Tha Dlighe-sgrìobhaidh an t-Suirbhidh Òrdanais a' riaghladh feum sam bith a rachadh a dhèanamh.  Ged a tha sin mar sin, ma tha meud na croite co-ionnann ris a' mheud a tha clàraichte ann an Clàr an Fhearainn faodar Àireamh an Tiotail ann an Clàr an Fhearainn a chleachdadh air a' bhileig-iarrtais.  Mar eisimpleir, 'tha meud na croite agam mar a tha air a chomharrachadh ann an dearg air [cuir a-staigh àireamh tiotail na croite].

Am bi e comasach do Chlàran na h-Alba earrann pàipeir de Mhapa Suirbhidh an Òrdanais a thoirt seachad gus am faod tagraiche na crìochan aige a lorg?

Bidh. `S urrainn do Chlàran na h-Alba earrannan ann am pàipear de mhapa Suirbhidh an Òrdanais a thoirt seachad air cosgais £16 an earrann. Faodaidh tagraichean an cuid chrìochan a lorg agus fiosrachadh sam bith eile a tha a dhìth a chur a-steach mus cuir iad an t-iarrtas aca gu Coimisean na Croitearachd. Gus leth-bhreac dhen raon a tha a dhìth de Mhapa an Òrdanais iarraidh, cuiribh fios mas e ur toil e gu sgioba Clàr na Croitearachd aig Clàran na h-Alba, Taigh Hanover, 24 Sràid Dhùghlais, Glaschu G2 7NQ, no fòn gu 0141 306 1510 no tro phost-d gu croftenquiries@ros.gov.uk.  Cuiribh a-steach gu leòr de dh'fhiosrachadh gus an tuig an sgioba an raon a tha a dhìth son a chomharrachadh agus thèid earrann den raon iomchaidh a chur sa phost chun tagraiche le fairdeal na cois.

Am feum mi fiosrachadh mun chroit agam a chur a-staigh nuair a tha mi a’ sireadh earrann am pàipear bho Mhap an t-Suiribhidh Òrdanais?

Feumaidh. Aig a' char as lugha feumar làn-sheòladh puist na croite a chlàradh. A bharrachd air sin, tha am fiosrachadh seo feumal ann a bhith a' cuideachadh Clàran na h-Alba nuair a tha iad a' deisealachadh cuibhreann freagarrach airson na croite:
*   Comarradh Griod an t-Suirbhidh Òrdanais
*   Am paraisde anns a bheil a' chroit
*   Am baile anns a bheil a' chroit
*   Fiosrachadh mu cho-roinneadh sam bith
Faodar leth-bhreacan de mhapaichean a th'ann mar tha a' comharrachadh crìochan na croite agus co-roinneadh a chur a-staigh nan taicean-comharradh leithid mapaichean IACS.

Ma tha barrachd air aon chroit agam am faod mi an aon earrann a chleachdadh airson mo chuid chroitean gu h-iomlan?

Faodaidh, ach feumar bileag-iarrtais agus cìs fa-leth a chur mu choinneamh gach croit.  Feumar gach croit a chomharrachadh gu soilleir air a' phlana agus a bhith air a cheangal le fiosrachadh gu dìreach air a' bhileig-iarrtais mar a tha iomchaidh.  Mar eisimpleir, dh'fhaodadh tu crìochan a chomharrachadh an dearg le àireamh fa-leth airson gach croit air a' phlana, no dathan eadar-dhealaichte a chleachdadh airson gach croit a chomharrachadh.

Am faod mi mapa IACS a chleachdadh mar phlana airson an iarrtais agam?

Faodaidh.  Thèid gabhail ri mapa IACS fhad `sa tha e a' mìneachadh suidheachadh an àite seach dhealbhan bhon adhar.  Tha sin a' ciallachadh gu bheil meud na croite air a dhearbahdh air fiosrachadh mapa an t-Suirbhidh Òrdanais seach dealbh àbhaisteach. Dèan cinnteach gu bheil am map a' sealltainn crìochan na croite gu pongail agus mionaideach.  Mur bi sin ceart bu chòir fiosrachadh a bharrachd a thairgse a tha a' sealltainn fìor chrìochan na croite.

Ma tha feart-tìre agam leithid balla faisg air a’ chrìch agam, am bu chòir dhomh mo shealbh a dhealbhadh airson a’ bhalla no am bu chòir dhomh an ìre air fad a chur ann?

Bu chòir ìre làn an fhearainn a tha fo ghabhaltas-croitearachd a chur anns an iarrtais airson clàraidh. Anns a' cho-chomhairleachaidh mu Chlàr na Croitearachd, chuir buidhnean-croitearachd dragh an cèill nach cuireadh na tagraichean gu lèir an ìre làn a-steach anns an t-suidheachadh a chaidh a shònrachadh anns a' cheist. Tha Coimisean na Croitearachd agus Clàran na h-Alba a' cur an taice gu h-iomlan ri oidhirpean dèanamh cinnteach gun tèid am fearann-croitearachd air fad a chur ann an Clàr na Croitearachd.

Tha feart-tìre nàdarra (abhainn) a’ cuartachadh na croite agam. Tha suidheachadh na feairt air a chomharrachadh ann an diofar dhòighean air mapaichean leis an t-Suirbhidh Òrdanais – dè a bu chòir a chleachdadh?

Chan eil sin gu diofar fhad `s tha e air a shoillearachadh air a' bhileig-iarrtais gu bheil a' chrìoch a tha an-sàs air a chuartachadh le oir/loidhne meadhain na h-aibhne.  Mar eisimpleir 'air a chuartachadh chun ear-thuath le meadhan na h-aibhne'.

Tha rathad a’ cuartachadh na croite agam ach tha mi air feansa bheathaichean a chur air mullach fàl an rathaid. Càite bheil crìoch na croite?

Chan eil riaghailt stèidhichte airson crìochan croite ri oir rathaid.  Tha an t-uallach airson na crìche a chomharrachadh a' tighinn air an neach a tha a' cur an iarrtais a-staigh.

A' Cur A-steach Iarrtais gu Clàr na Croitearachd

Cò thuigea chuireas mi an t-iarrtas agam aig Clàr na Croitearachd?

Bu chòir foirmean-iarrtais coileanta leis a' chìs agus an dearbhadh a tha a dhìth a chur gu Coimisean na Croitearachd aig Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW. Nì Coimisean na Croitearachd sgrùdadh air an fhoirm-iarrtais agus a' chìs agus ma tha iad sàsaichte cuiridh iad leth-bhreac den iarrtas air adhart gu Clàran na h-Alba tro phost-dealain. Ach ma tha Coimisean na Croitearachd den bheachd gu bheil mearachd anns an iarrtas no leis a' chìs, cuiridh iad an t-iarrtas air ais chun tagraiche gus atharrachadh.

Dè a’ chìs a tha ri pàigheadh airson iarrtais leis fhèin gus croit no cùl-cinn a chlàradh a’ chiad turas no gus tachartas an dèidh làimhe a th’air a chomharrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010 a chlàradh, agus cò dha a tha còir a’ chìs a phàigheadh?

Tha na cìsean iomchaidh airson Clàr na Croitearachd gan toirt ann an Òrdan Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) 2012. Tha aon iarrtas-clàraidh leis fhèin a' cosg £90 agus bu chòir a' chìs a phàigheadh do Choimisean na Croitearachd. Feumar gach iarrtas airson Clàr na Croitearachd a chur gu Coimisean na Croitearachd. Thathar air na cìsean a chur aig an ìre aig am faodar cosgaisean fhaighinn air ais.

Dè th’ ann an “iarrtas coimhearsnachd”?

`S e ainm neo-fhoirmeil a tha seo a tha a' comharrachadh gu bheil coimhearsnachdan air a bhith ag obair còmhla a dhealbhachadh grunn chroitean mar dhòigh bunaiteach air iarrtas a dhèanamh an clàradh le chèile air a' Chlàr Croitearachd ùr.  Tha mòran bhuannachdan an lùìb iarrtasan bho choimhearsnachdan leithid:

  • coimhearsnachdan a tharraing ri chèile le aon adhbhar
  • dearbhadh gu bheil tallamh-croite gu lèir air a chomharrachadh agus air a dhìon.  Aon uair is gu bheil e clàraichte, seasaidh e bho sin a-mach mar thallamh-croite – mur tèid a tharraing gu foirmeil agus a dhì-chroiteadh
  • a' tairgse fòram stèidhichte airson crìochan aontachadh gu follaiseach – a' ciallachadh nach bi uibhir de chithrom ann ceistean a thogail anns na 9 mìosan nuair a tha e ceadaichte cur na aghaidh
  • èifeachdas agus lùghdachadh chosgaisean, mar eisimpleir seach nach bi ann ach aon phlana ri chur a-staigh seach suas gu £16+VAT airson plana gach croit
  • cothrom aon shanasachd a dhèanamh seach grunn mar phàirt dhen phròiseas comharrachaidh is foillseachaidh

Am faigh Coimearsnachd taic airson iarrtas coimhearsnachd a dheisealachadh?

Faodaidh neach sam bith a tha a' lorg cobhair fios a chur gu Oifigear-ceangail Dealbhachadh Choimhearsnachdan aig Clàradh na h-Alba, Kay Dallas, a tha ann an suidheachadh taic a thoirt le iarrtasan coimhearsnachd agus am pròiseas suas gu clàradh. Gheibhear taic tro choinneamhan teicnigeach agus le buidhnean aig a' bheil ùidh anns a' ghnothach ann an coimhearsnachdan croitearachd agus faodar an leantainn air fòn no post-dealain.   Faodar post-d a chur gu Kay aig croftenquiries@ros.gov.uk no fònadh air 0141 306 1731.

Ma tha coimhearsnachd a’ cur air adhart iarrtas mar Chiad Chlàradh de na croitean gu lèir no cuid de na croitean anns a’ bhaile, am feumar iarrtasan fa-leth a dhèanamh airson gach croit?

Feumaidh, tha bileag-iarrtais fa-leth a dhìth agus ri choileanadh le gach tagraiche a dhearbhadh gun deach am fiosrachadh riatanach a chomharrachadh airson gach croit.  Faodar aon phlana aontachadh a' dearbhadh crìochan gach croit agus faodaidh gach tagraiche a bhith a' dèiligeadh ris an fhiosrachadh sin.

Tha mi airson mo chroit a chlàradh gu saor-thoileach mus toir mi leth dheth do neach anns an teaghlach. Am faod mi an dà chuid a dhèanamh aig an aon àm no am feum mi cur a-staigh airson aon cheum an toiseach?

Feumaidh an tagraiche fhèin co-dhunadh mun seo.  Ma roghnaicheas tu dì-chroiteadh ro thagradh a chur gu Coimisean na Croitearachd a roinn, feumaidh tu cìs clàraidh de £90 agus cìs a bharrachd de £90 a phàigheadh nuair a chuireas tu iarrtas a-staigh aig àm eile ag iarraidh a' chroit a roinn, ma tha Coimisean na Croite a' ceadachadh an roinn sin a chur air adhart.  Air an làimh eile, ma chuireas tu iarrtas gu Coimisean na Croitearachd ag iarraidh a' chroit a roinn feumar an uarsin a chlàradh agus tha sin a' cosg £90 leis a' chlàradh air atharrachadh, ma tha an Coimisean ga cheadachadh, gun chosgais a bharrachd an dèidh dhan Choimisean an roinn aontachadh.

A' Giullachd Iarrtasan gu Clàr na Croitearachd

Dè an ùine ris a bheil dùil airson iarrtasan gu Clàr na Croitearachd a gheibh Clàran na h-Alba?

`S e rùn Clàran na h-Alba gun tèid iarrtasan a chrìochnachadh an taobh a-staigh trì latha-obrach an dèidh dhaobh fhaighinn. Ma bhios dàil ann mar thoradh air suidheachaidhean ris nach robh dùil, bidh am fiosrachadh seo ri fhaotainn air an làrach-lìn aig Clàran na h-Alba.

Am faod mapaichean iathadh thairis a chèile air Clàr ùr na Croitearachd?

Chan fhaod. Tha reachdas ag ràdh nach fhaodar iathadh thairis air a chèile ann an Clàr na Croitearachd. Tha seo a' bualadh an dà chuid air croitean agus cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe. Mar eisimpleir, mas e, an dèidh Iarrtas A a chlàradh, gun tèid Iarrtas B a chur a-steach airson a chlàradh agus gum faighear a-mach gu bheil cuid den fhearann a chaidh a chlàradh fo Iarrtas A na lùib, thèid Iarrtas B a chlàradh an uair sin agus thèid an ìre dheth a chumail gu timcheall air ìre clàraichte Iarrtas A. Thèid fios air seo a thoirt don tagraiche a chuir Iarrtas B a-steach nuair a gheibh iad Sgeideal Clàr na Croitearachd aca agus tha e fosgailte dhaibh an uair sin dùbhlan a thogail mun ìre clàraichte de dh'Iarrtas A tro Chùirt an Fhearainn (a-rèir 9 mìosan an dùbhlain agus/no cùis sam bith eile a thèid a chur air adhart leotha).

Dè bhios a’ tachairt aig a’ chlàradh ma gheibh Clàran na h-Alba beàrn eadar a’ chroit a bhith air a clàradh agus croit eile clàraichte ann an Clàr na Croitearachd mar-thà?

Tha sin ceart gu leòr oir `s e an obair a tha aig Clàran na h-Alba am fiosrachadh a gheibhear anns gach iarrtas amhlachadh.  Dh'fhaodadh gu bheil adhbhar ann an da-rìribh nach eil na croitean a' sìneadh ri chèile agus cha rachadh fios a thoirt do thagraichean mu bheàrn eadar dà chlàradh ach dh'fhaodadh iad fhaicinn air a' Chlàr air loidhne.

Iarrtasan air an Coilionadh

Dè sheallas Clàr na Croitearachd airson iarrtasan air an coileanadh?

Tha Earrann 11 de dh'Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) a' toirt seachad an fhiosrachaidh a dh'fheumas a bhith ann an clàr airson croit. Feumaidh tuairisgeul a bhith ann den fhearann air a bhonntachadh air mapa an òrdanais agus ainm is tiotal neach-ghabhail, croiteir na shealbhadair-còmhnaidh, uachdarain agus an neach dham buin a' chroit. Tha Sgeideal 3 den Achd a' toirt seachad fios mun chlàr-ùine son clàradh airson cùl-cinn.

Ciamar a thèid roinneadh a shealltainn ann an Clàr na Croitearachd?

Thèid gnothach a ghabhail ri roinneadh air leth mar chuid den chroit agus thèid a shealltainn sa chlàr-chlàraidh airson na croite seach sa chlàr-chlàraidh airson cùl-cinn.

Dè chuireas Clàran na h-Alba a-mach aon uair is gu bheil iarrtas gun deach Clàr na Croitearachd a choileanadh?

An dèidh clàradh a choileanadh, bheir Clàran na h-Alba teisteanas dhan tagraiche agus do Choimisean na Croitearachd a' sealltainn ìre na croite no a' chùil-chinn agus nam pàrtaidhean le ùidh sa chùis a dh'fheumas fhaicinn leithid neach-gabhail, sealbhadair, croitear mar shealbhadair-còmhnaidh agus uachdaran. Faodaidh an tagraiche an teisteanas aige fhaotainn sa phost no le post-dealain agus gheibh Coimisean na Croitearachd an teisteanas aca fhèin le post-dealain. Bidh an clàradh coileanta ri fhaotainn cuideachd air an Lìon an latha an dèidh don chlàradh a bhith air a choileanadh.

Clàr na Croitearachd air an Lìon

A bheil feum air brabhsair-lìn sònraichte gus coimhead air Clàr na Croitearachd air loidhne?

Chan eil, gabhaidh a' chuid as motha de bhrabhsairean àbhaisteach cleachdadh gus coimhead air Clàr na Croitearachd air loidhne.

Dè a’ chìs a tha ann gus cothrom fhaighinn air Clàr na Croitearachd air loidhne agus a bheil feum air seòrsa sam bith de chead no de chlàradh?

Chan eil cìs ann gus cothrom no sealladh fhaighinn air Clàr na Croitearachd air loidhne. Chan eil feum air cead no clàradh agus faodar sealltainn air Clàr na Croitearachd gun urra.

Am bi stiùireadh sam bith ann mar chuideachadh gus siubhal air Clàr na Croitearachd air loidhne agus dè am fiosrachadh a thèid a shealltainn.

Chaidh Clàr na Croitearachd air an Lìon a dhealbhadh gus a bhith furasta obrachadh agus tha acfhainn-taice na lùib. Tha fiosrachadh mionaideach air siubhal air Clàr na Croitearachd air loidhne agus mu na that ri fhaicinn ann an Iùl na Làraich air làrach-lìn Clàran na h-Alba aig www.ros.gov.uk agus tron iùl-làraich air duilleag-dachaigh Clàr na Croitearachd air loidhne.

Ciamar a bhios fios agam a bheil a’ chroit no an cùl-cinn anns a bheil ùidh agam clàraichte?

Gheibhear am fiosrachadh seo le bhith a' rannsachaidh air Clàr na Croitearachd air loidhne.  Ma tha e clàraichte, bidh ìre na Cùl-cinn anns a bheil ùidh agad air a chomharrachadh bàn-dhearg air mapa Clàr na Croitearachd, le oirean dearg air na croitean.

An seall Clàr na Croitearachd gnothaichean leithid tuathanasan-gaoithe?

Cha sheall. `S e adhbhar bunaiteach Clàr na Croitearachd an ìre de dh'fhearann aig croit no cùl-cinn/fearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe a shealltainn agus na gnothaichan teacsail nan lùib mar a tha ga chomharrachadh ann an Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) 2010. Ach seallaidh Suirbhidh an Òrdanais làraichean tuathanasan-gaoithe a bhios an uairsin rim faicinn air mapa Clàr na Croitearachd.

Cò thuige a chuireas mi fios ma tha mi den bheachd gu bheil duilgheadas ann le Clàr na Croitearachd air loidhne?

Ma bhios luchd-cleachdaidh den bheachd gu bheil duilgheadas ann le Clàr na Croitearachd air loidhne, bu chòir dhaibh fios a chur gu Sgioba-cuideachaidh Seirbheisean-dealain Clàran na h-Alba, a tha aig 0800 028 9296.

Am faod mi fiosrachadh iarraidh air Clàr na Croitearachd agus dè chosgas sin?

Tha e saor is an asgaidh Clàr na Croitearachd a rannsachadh air loidhne.  Air an làimh eile ma tha thu ag iarraidh air Clàran na h-Alba rannsachadh a dhèanamh no fiosrachadh a thoirt seachad bho Chlàr na Croitearachd, thèid cìs a bhuileachadh. Bu chòir iarrtasan airson fiosrachaidh a chur gu sgioba Clàr na Croitearachd aig Clàran na h-Alba, Taigh Hanover, 24 Sràid Dhùghlais, Glaschu G2 7NQ, no tro phost-d aig croftenquiries@ros.gov.uk   Thèid am fiosrachadh a tha a dhìth a chur thugaibh an uairsin le fàirdeal iomchaidh.  Tha na cìsean air am mìneachadh ann an Clàr na Croitearachd (Cìsean) (Alba) Òrdan 2012 agus tha iad an seo mar chuideachadh.

Iarrtasan airson rannsachaidh, aithisgean, leth-bhreacan de sgrìobhainnean no fiosrachadh

Cothrom eileagtronaigeach air Clàr na Croitearachd

Neoni

Iarrtas airson rannsachaidh tro phost-dealain no ann an litir

£8 agus VAT

Iarrtas airson rannsachaidh gu pearsanta aig Ionad Seirbheisean Luchd-cleachdaidh Clàr na Croitearachd

£12 agus VAT

Leth-bhreac den chlàradh de chroit, de chùl-cinn no de dh'fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe

£16 agus VAT

Leth-bhreac bhon oifis de chlàr-clàraidh de chroit, de chùl-cinn no de dh'fhearann air a ghleidheadh mar roinn-ruithe

£30 agus VAT

Ciamar a gheibhear cothrom air Clàr na Croitearachd air an Lìon?

Faodar sealltainn air Clàr na Croitearachd tro cheanglaichean air làraichean-lìn Clàran na h-Alba agus Coimisean na Croitearachd agus gheibhear cothrom dìreach air cuideachd aig http://www.crofts.ros.gov.uk/register/searchBidh Clàr na Croitearachd ri fhaotainn 24 uairean a thìde gach latha agus thèid ùrachadh tron oidhche.
.

An Dèidh Clàraidh

Am faodar cur an aghaidh clàraidh ann an Clàr na Croitearachd?

Faodar.  Tha naoi mìosan aig pàrtaidhean le ùidh sa chùis an uair sin bhon cheann-latha a chuireas Coimisean na Croitearachd a leithid de dh'fhios a-mach gus dùbhlan a thogail le bhith a' cur iarrtais gu Cùirt an Fhearainn.

Am faod tagraiche ceartachadh iarraidh air Clàr na Croitearachd?

Tha earrann 16 de dh'Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) a' cur an cèill nan suidheachaidhean far am faodar ceartachadh iarraidh. Bu chòir iarrtasan airson ceartachaidh a chur gu Clàran na h-Alba leis an fhoirm-iarrtais iomchaidh. Chan eil cìs sam bith a dhìth.

Dè thachras ma cho-dhùineas a’ Chùirt gun fheum Clàran na h-Alba Clàr na Croitearachd a cheartachadh?

Ma shoirbhicheas le dùbhlan sa Chùirt, thèid òrdan a thoirt do Chlàran na h-Alba Clàr na Croitearachd a cheartachadh. Thèid seo a dhèanamh gun fheum air an tagraiche a bha ann an toiseach iarrtas a bharrachd a chur a-steach agus gun chosgais.

A bheil dleastanas air Clàran na h-Alba a dhol an urras air cuideigin a dh’fhuilingeas call mar thoradh air fiosrachadh ceàrr ann an Clàr na Croitearachd?

Tha earrann 18 de dh'Achd Leasachadh Croitearachd (Alba) a' cur an cèill nan suidheachaidhean far an tèid an Neach-gleidhidh an urras air cuideigin a dh'fhuiling call.

An làimhsich Clàran na h-Alba connspaid mu fhearann-croitearachd?

Cha làimhsich. Thèid dèiligeadh ri dhùbhlain ann an Cùirt an Fhearainn. Tha e gu leas nam pàrtaidhean uile gun tèid ìre an dùbhlain a chumail cho ìseal is a ghabhas gus cosgais is mì-ghoireasachd gun adhbhar a sheachnadh oir ann an dùbhlain, bidh na pàrtaidhean uile an sàs, an neach a chuir a-steach an t-iarrtas-clàraidh nam measg. Tha sinn a' moladh mar sin gum bui croitearan an coluadar le na nàbaidhean aca nuair a bhios iad ag ullachadh plana airson clàraidh. Cha sheall Clàran na h-Alba ach an t-iarrtas a chuireadh a-steach tro Choimisean na Croitearachd.